Thig amannan a tha da-rìribh sònraichte agus a bhios eachdraidheil ann an cuimhne an t-saoghail, agus dh’fhaodadh gum bi an t-seachdain seo air tè dhe na h-amannan sin, le fosadh cogaidh sia seachdainean san Ear Mheadhanach.
Cha bu neònach coimhearsnachdan feadh an t-saoghail a bhith ag ùrnaigh gur ann mar sin a thachras, ach fiù ’s nuair a tha mise a’ sgrìobhadh seo agus am fosadh stèidhichte ’s e dòchas car cugallach a th’ ann agus mòran de luchd- poilitigs, agus mòr-shluagh, Israel ag iarraidh gun lean cogadh gus am bi Hamas air a sgrios gu tur. Ach chan ann san aon àite tha an t-olc agus ged a tha e iomchaidh am milleadh agus am murt do-chreidsinneach a thug ìre an dìoghaltais aig Israel ann an Gaza a chronachadh, cha chòir dìochuimhneachadh an ionnsaigh bhrùideil aig Hamas a thòisich an cogadh seo. ’S fhiach cuideachd a bhith mothachail air na mìltean Phalastaineach a th’ air a bhith an grèim aig Israel fad bhliadhnaichean, agus mar a tha ìre nam prìosanach sin follaiseach anns a’ chothromachadh àireamhan a tha gan saoradh bho gach taobh. Ach a dh’aindeoin ìre nan dùbhlan a dh’fhàg gun tug e seachd mìosan am fosadh seo a choileanadh, ’s e adhartas beannaichte a th’ ann dha na daoine a th’ air am beatha a thoirt às an t-suidheachadh gu ruige seo, air an ruagadh a’ fulang le dìth taic mheidigeach, dìth bìdh, agus dìth fasgaidh!
Ann an tachartas eachdraidheil eile an t-seachdain seo tha fear a chaidh a dhìteadh airson eucoir a stèidheachadh airson an dàrna turas mar Cheann-suidhe air Ameireagaidh. ’S iomadh facal mì-chneasta agus gealladh a chualas bho Dhòmhnall Trump, agus mar a tha ùine a’ dol seachad theagamh gur fhiach comhairle agus beagan cofhurtachd a ghabhail bho bheachd àrd-fhear-gnothaich Ameireaganach a thuirt gur fhiach èisteachd ri Trump, ach gun gabhail ris na chanas e gu litireil! Mar mhòran eile tha mise air Domhnall Trump a chàineadh airson àrdan, gràin-cinnidh, is burraidheachd, ach feumaidh mi aideachadh gun tug, a rèir coltais, am maoidheadh a rinn e a thaobh an Ear Mheadhanaich buaidh a dh’ionnsaigh fosadh fòirneirt. Tha seanfhacal ag ràdh gur beò duine an dèidh a shàrachadh, ach nach beò e an dèidh a nàrachadh! An-dràsta ’s a-rithist chithear tachartas a’ dol an aghaidh gliocas sheanfhacail, agus theagamh gum bheil ceist romhainn ach an dearbh Trump sin gu ìre ceàrr dha thaobhsan! Ach is fhiach air duine sam bith na gheallas e, agus chan eil luach ann an gealladh sam bith chun an coileanar e!
’S e gnìomh a dhearbhas, agus saoilidh mi gum bheil sin na dhùbhlan àraid dhan Riaghaltas againn fhìn ann an Lunnainn an-dràsta. Chaidh an taghadh fo bhuaidh gealladh laigse eaconamaidh na dùthcha a chàradh, agus cor an t-sluaigh a leasachadh, ach cha deachaidh mìneachadh mionaideach a dhèanamh air mar a rachadh an obair-leasachaidh sin a chuir air adhart. Cha bhi fios air a’ chràdh gus an tig e, agus ’s i daonnan a’ cheist dè cho fada ’s a dh’ fhuilingear am pian?
From time-to-time events occur which become milestones in world history, and this week may be one of those unique times following the agreement for an initial six-week ceasefire between Israel and Hamas. Unsurprisingly people worldwide prayed for such a move, but as I write and with the ceasefire in place, things appear uncertain with many Israeli citizens and politicians wishing the war to continue until Hamas is completely destroyed.
While it is appropriate to condemn the killing and destruction waged on Gaza by Israeli forces, it is equally important to remember the brutally murderous Hamas invasion which led to this war.
We should also be aware of the thousands of Palestinians imprisoned for years by Israel; their number emphatically demonstrated by the small numbers of Israeli hostages being exchanged at a time. Despite the challenges which delayed this agreement for eight months, it is now a blessed relief for survivors to receive medical attention, food, and shelter in peace.
In another historical event this week a powerful and controversial businessman has been sworn-in for a second term as President of the USA, but this time he is a convicted felon!
Over the years Trump has made many outrageous statements and promises, but we should perhaps take some comfort from the prominent American who said Trump should be heard but not taken literally!
Like many others I have criticised Trump as an arrogant, racist, bully, but I have to confess that his intervention in the Middle East appears to have helped achieve the temporary ceasefire.
Occasionally, I come across proverbs which I question, and one such says that a man can survive exhaustion but not disgrace! While promises remain worthless debts until delivered, could Donald Trump be one who may defy that proverb?
Actions speak louder than words, and it seems to me that this could be challenging our own London Government at present. Labour swept to victory on a promise of change, sorting our economy, and improving our circumstances. They didn’t’, however, provide detailed information on how this might be achieved, and while pain can only be felt when it strikes, the question is, how long we can suffer it?
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.