Aig àm sam bheil sinn air ar claoidh le droch naidheachdan nach math gu dearbh cluinntinn gur e am facal “toileachas” a thagh òigridh na dùthcha mar fhacal na bliadhna 2024!
Ach ma ’s e “rud a chì an leanabh, a nì an leanabh”, feumar aideachadh nach eil cus dheagh eisimpleir ri fhaicinn bho chuid de cheannardan an t-saoghail!
Na òraid an dèidh na cuirme- stèidheachaidh aige mar Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte thuirt Dòmhnall Trump a-rithist gun deach dìon Dhè air gus Ameireagaidh a stiùireadh a dh’ionnsaigh saidhbhreas. Dh’ainmich e cuideachd cuid de reachdan a tha san amas aige, nam measg sin poileasaidh a bhios a’ ciallachadh nach bi ach dà ghnè, fireann agus boireann, aithnichte anns na Stàitean.
Thuirt e cuideachd gun cuireadh e stad anns a’ bhad air in-imrich mhì-laghail gu ruige nan Stàitean, agus gun tèid milleanan de dh’fhògarraich mhì-laghail agus eucorach a chur a-mach às an dùthaich. Cha b’iongnadh mòran dhaoine a bhith tàmailteach, agus fiù ’s feargach, mun bhlas mhì-chneasta a bh’ air mòran de na thuirt e. Choisinn an t-Easbaig Mariann Edgar Budde spèis eadar-nàiseanta nuair a thuirt i ann an seirbheis aig Cathair-eaglais Nàiseanta Washington, ma bha Dia air Trump a thaghadh airson adhbhar gum biodh e iomchaidh dha truas a nochdadh dha fògarraich, leasbaich, agus daoine gèidh, dà-sheòrsach is tar-ghnèitheach, air am bheil a chuid amasan a’ cur an eagail.
Cha do chòrd sin idir ri Dòmhnall Iain, agus chan e a-mhàin gun do chàin e an t-Easbaig agus a cuid seirbheis, ach thuirt e gur còir dhi maitheanas iarraidh air a’ mhòr-shluagh!
Saoilidh mi nach eil duine ciallach a thuigeas dè bha tachairt ann an ceann Axel Rudakubana nuair a shiubhail e gu ruige sgoil-dhannsa chloinne bige ann an Southport air 29 den Iuchair 2024, agus a mhurt e triùir nìghnean òga is a thug e ionnsaigh mhurtachail air deichnear eile. Tha sinn dualach ’s dòcha ana-caitheamh a dhèanamh air abairtean leithid, “às a rian”, ach gu cinnteach tha fhios gur e sin staid an òganaich seo nuair a rinn e an gnìomh oillteil seo. Ged a tha a’ bhinn de chaogad is dà bhliadhna prìosain a fhuair e air tè cho fada ’s a thachair riamh, chan eil dad a bheir a’ chlann air ais agus tha dìleab bròin is àmhghair dol a leantainn anns na dachannan sin cho fad ’s a mhaireas cuimhne. Saoilidh mi, ann an leithid de shuidheachadh agus gu dearbh anns gach àite sam bheil mothachadh air cron cho brùideil, gum bheil toileachas dualach a bhith a’ call inbhe fo bhuaidh mulaid. Ach ma tha de thuigse aig òigridh gun nochd daoine le dìth cèille bho àm gu àm, theagamh gum bi e na adhbhar toileachais dhaibh nach eil, gu fàbharach¸ leithid de dh’uabhas ach tearc.
Chan eil mi cinnteach an deach beachd òigridh a ghabhail air fear de na faclan Beurla a chaidh a thaghadh airson 2025 ach gu cinnteach, eadar a h-uile dad a tha a’ tachairt, tha feum gu bhith againn uile air “resilience”, neo fulangachd!
When depressing news appears to be the norm, it is encouraging to learn that young people chose “happiness” as their favourite word in 2024, but it has to be said that youngsters don’t enjoy best examples from world leaders!
In his post inaugural address President Trump repeated his belief that he has been chosen by God to lead America to success. He also listed some of the policy changes he intends to make, including that America will only recognise the two genders of male and female, and also that he would immediately stop illegal immigration into the USA and set about expelling thousands of criminal illegal migrants. Not surprisingly many were saddened, even angered, by his contentious language.
In a service at the Washington National Cathedral the Very Reverend Mariann Edgar Budde earned international praise when she said that if Trump was chosen by God then it would be appropriate for him to show compassion for migrants, and lesbian, gay, bi-sexual, and transgender people frightened by his aims.
Donald John was not impressed and not only did he criticise the church service, he said the Bishop should make a public apology!
Who can understand what was happening in Axel Rudakubana’s head when he travelled to a children’s dance class on July 29, 2024 and murdered three little girls and attempted to murder 10 others. We might regularly use expressions like “off his head”, but this young man was surely deranged when he committed this horrific slaughter.
While Rudakubana’s fifty-two-year prison sentence may be one of the longest ever imposed, nothing will bring the children back and their homes will be overshadowed by grief for as long as memories last.
However, people of all ages might hopefully find some relief in the knowledge that such crimes are mercifully rare.
I’m not sure if youngsters were consulted on one of the special words chosen for 2025, but I suspect we will all find a need for the word “resilience”.
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.