Ged is cinnteach nach tuig ann an da-rìribh ach neach a dh’fhuiling, neo tha fulang, dòrainn bochdainn dachaigh den t-seòrsa, saoilidh mi gun tuigear mar a dhùisgeas fearg mar thoradh air faireachadh dìth comais an trioblaid a leasachadh. Ciamar, toiseach an dàrna mìle bliadhna, gum bheil teaghlaichean ann an tè de na dùthchannan as beartaiche san t-saoghal ann an èiginn acrais is blàiths? Tha sin cha mhòr do-chreidsinneach! Ach ged a tha fìrinn tric searbh ’s i an fhìrinn a th’ innte agus tha i na masladh! Aig an aon àm chan eil ionmhas a’ fàs air na craobhan neo a’ tighinn leis a’ mhuir-làn, agus mar a tha mi air a ràdh iomadh uair roimhe cò bhiodh farmadach ris an luchd-poilitigs a tha an urra ri bhith a’ roinn an sporain phoblaich. Ach thagh iad fhèin an dreuchd agus an dleastanas a tha na lùib, agus tha cor slàinte agus beatha a’ mhòr-shluaigh aig bàrr na sreath uallaichean sin, cuide ri dìon na Rìoghachd. Chan urrainnear daoine fhàgail fuar is acrach, agus saoilidh mi gum feum Ministearan a bhith faiceallach nach tig cùisean gu ìre stailc nàiseanta mar a tha ceannard tè de dh’aonaidhean na rèile air a bhagairt mar-thà. Tha e mar dhleastanas air Ministearan an Riaghaltais stiùireadh agus ceannas a ghabhail air na roinnean sam bheil ùghdarras aca, agus saoilidh mise gum bheil e gu tur mì-reusanta seasamh air ais mar a tha a’ tachairt a-nise is iad a’ fàgail uallach rèite air tuarastail is cùmhnantan sheirbheiseach poblach gu tur air na buidhnean-fastaidh.
Na toilich do mhiann gus am feuch thu do sporan their an seanfhacal, ach ma tha rèite gu bhith ann feumar co-luadar fosgarra, deònach, agus sgiobalta bho gach taobh!
Referring to the reappearance of Thatcher-type placards on our streets as wage strike protests escalate, the chief executive of ACAS commented that there had to be a better way of doing things. Following many years of static interest levels and corresponding wage levels it is not surprising that a dramatic energy cost rise and a cost-of-living increase resulting in a fast inflationary cycle have taken people by surprise and have already pitched many into poverty.
Public sector pay and conditions are a guide and balance for private sector wage levels as well, so the present level and scale of dissatisfaction is worrying and I believe government should not flippantly dismiss the threat of a national strike.
Ministers are appointed to lead their departments, and where government controls funding of public bodies I don’t believe it is good enough for ministers just to sit back and require employers alone to settle these levels of seriously damaging industrial actions.
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.