Beachd Ailein – 20 Am Màrt 2025
Is dona an leisgeul a’ mhisg, ach is fheàrr a’ mhisg na bhith gun leisgeul idir! An-dràsta ’s a-
rithist cluinnidh sinn beachd a tha sinn a’ meas a bhith gun stàth, agus ’s ann mar sin a bha mi
fhìn a’ faireachadh ag èisteachd ri riochdaire aonaidh nàiseanta ag argamaid gum bheil
bacadh air reic deoch-làidir aig geamannan ball-coise na phoileasaidh leth-bhreith air sluagh
àbhaisteach na dùthcha. Bidh sibh mothachail gum bheil còmhradh air a bhith a’ dol thar
mhìosan a-nise mun bhacadh seo a chur an dàrna taobh, agus saoilidh mi gum bheil guthan
taice ùr gan togail air a’ chuspair gach seachdain.Carson a tha seo a’ tachairt? Chan eil
poileasaidh neo lagh a’ call adhbhar neo èifeachdas dìreach air sgàth ’s gum bheil ceathrad is
ceithir bliadhna bho chaidh a stèidheachadh, agus tha fhios gum bheil caochladh argamaidean
eile air chùl na h-iomairt gus an lagh atharrachadh. Mar a bhiodh dùil chan eil teagamh nach
bi ionmhas na phàirt den sin, agus cha ghabh àicheadh nach fhaodadh reic deoch-làidir aig
geamannan ball-coise buannachd mhòr a chosnadh dha luchd-reic, agus dha na sgiobaidhean
dam buin na pàircean sam biodh an reic a’ tachairt. Aig àm sam bheil dùbhlain ionmhais
bitheanta ann an saoghal ball-coise tuigear carson a bhiodh rùn aig cuid de sgiobaidhean an
cothrom cosnaidh seo a chruthachadh às ùr, ach ’s fhiach beachdachadh gu cùramach air
taobh eile na h-argamaid.
Bho chionn beagan làithean chuir Ailean Burrows, Àrd-Oifigear Sgioba Obar Dheathain, a
thaic fhèin ris an iomairt cur às dhan bhacadh, ag argamaid gun robh am bacadh mì-
chothromach dha luchd-taice bhall-coise agus gum biodh cur às dha a’ toirt co-ionannachd
dha luchd-taice geama. Air uachdar na h-argamaid bhitheanta seo tha caochladh cheannardan
san spòrs, leithid Burrows, cuideachd air a bhith a’ comharrachadh nan ìrean gum bheil
pàircean-cluiche agus àrainneachd luchd-amhairc air tighinn air adhart thar faisg air caogad
bliadhna. Le suidheachain, riaghailtean agus riaghladh sàbhailteachd, barrachd smachd agus
aire bho stiùbhardan agus poileas, tha iad ag ràdh gum bheil cùisean iomchaidh gu leòr dha
luchd-amhairc deoch a cheannach agus òl aig na pàircean mar a tha ceadaichte aig rugbaidh
agus spòrsan eile. Ach feumar faighneachd am bheil atharrachadh bunaiteach air modh
giùlain nan gràisgean a bu choireach gun deach am bacadh a chur an sàs sa chiad àite, agus
gu mì-fhortanach saoilidh mi nach eil sin air tachairt. Chan eil ach beagan mhìosan bhon
chunnacas ceudan de luchd-taice iorghaileach a’ sabaid tro mheadhan baile Ghlaschu, agus
aig àm sgrìobhaidh seo tha mi mothachail gun do dh’iarr poileas cead “stad sgrùdaidh” mu
choinneamh geama eadar Rangers agus Celtic ann an Glaschu an-diugh. Theagamh nach eil
ach am beagan ag adhbharachadh nan trioblaidean seo, ach ’s e mo bharail gun cuireadh
cothrom deoch-làidir a cheannach agus òl aig na geamannan gu cinnteach ris na
duilgheadasan.
Saoilidh mi gum bheil àrainneachd saor bho bhuaidh na dibhe nas dòchasaiche buannachd
fad-ùine a thoirt air àireamhan luchd-amhairc, agus tha mi toilichte nach eil rùn sam bith aig
Riaghaltas na h-Alba an lagh atharrachadh aig an ìre seo!
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.