Ged a bha frasan cruaidhe geamhradail a’ stialladh an Òbain feasgar Dhihaoine seo chaidh bha blàths agus subhachas Gàidhealach a’ drùdhadh àile Thallaichean Earra-Ghàidheil far an deach Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 fhosgladh gu h-oifigeil. Mar a thuirt Ceann-Suidhe a’ Chomuinn, Magaidh Choineagan, theagamh gur e rud cho brosnachail agus iomchaidh ’s a bh’ ann gun robh Leas-Phrìomh Mhinistear Alba an làthair agus a’ bruidhinn ris na Gàidheil nan cànan fhèin! Chan e a-mhàin gun do choisinn Ceit Fhoirbeis an àrd-dhreuchd phoilitigeach sin, ach tha uallach Eaconamaidh agus Gàidhlig aice cuideachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus chuidich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a dh’ionnsaigh a cuid fileantais anns a’ chànan dha bheil i a-nise na sàr thosgaire!
Bidh mi tric a’ moladh na h-àireamh a tha a’ cur taic saor-thoileach ri cor na Gàidhlig, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus an Comunn Gàidhealach a’ feuchainn ri urram a bhuileachadh air taghadh dhiubh sin gach bliadhna. Chuir na bha an làthair aig an fhosgladh, agus tha mi làn-chinnteach Gàidheil feadh na dùthcha, fàilte chridheil air urram Tosgaire na Gàidhlig 2024 a bhith ga bhuileachadh air Mairead NicÌomhair airson obair ionmholta fad bhliadhnaichean a’ leasachadh Foghlam Gàidhlig, agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig! Chaidh an aon urram cuideachd air a co-ogha Fionnlagh MacLeòid, nach maireann, airson a chuid spàirn fhèin às leth a’ chànain fad iomadh bliadhna. Cha phàigh taing na rinn Mairead neo Fionnlagh, ach ’s math an aithne seo dhaibh. Chaidh duais Neach-ionnsachaidh na Bliadhna gu Harry Josephine Giles à Arcaibh, agus thugadh urram Caraid a’ Mhòid mar aithne air sàr obair a thaobh na Gàidhlig agus nam Mòdan gu Moira agus Sandy Dunlop às A’ Choingheal, Iseabal Banks às an Òban, Margaret Farmer à Tairbeart Loch Fìne, agus Jon ‘Hearach’ Dòmhnallach à Inbhir Nis.
Bha e fìor mhath a bhith a’ cluinntinn Ceit Fhoirbeis ag aithneachadh a’ Mhòid mar aon de mheadhanan brosnachaidh na Gàidhlig, agus bha e cuideachd misneachail cluinntinn gum bheil an Riaghaltas a’ deasachadh freagairt dha molaidhean na h-aithisg bhon bhuidhinn-obrach a stèidhich Ceit fhèin gus beachdachadh air cothroman eaconamach agus sòisealta dhan Ghàidhlig. Le uimhir a’ tachairt aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tha e doirbh taghadh a dhèanamh ann an colbh goirid, ach bha aon rud a shaoil mi a bha tur sònraichte agus b’ e sin an còisir Aon Ghuth a’ seinn tro mheadhan Makaton aig a’ chuirm Ar Cànan ’s ar Ceòl, feasgar Disathairne seo chaidh. Mo mhìle beannachd air an fheadhainn a chruthaich an cothrom seo dha daoine òga aig nach eil làn-chomas labhairt, an guthan a thogail a’ seinn òrain Ghàidhlig. Ma bha riamh fìreanachadh gu bhith air an t-seanfhacal “nam bu chaomh leat mi, bu bhinn leat mi” tha fhios gun robh an tachartas seo na eisimpleir eachdraidheil! Buaidh is piseach leotha!
All languages need voices to give them life and purpose and surely the Makaton Choir “Aon Ghuth” (One Voice) which performed at the Corran Halls last Saturday was movingly enabling, delightfully entertaining, and historical. Warmest congratulations to all involved.
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.