Mealaibh uile bhur naidheachd!
Dh’fhàg cuingealaichean slàinte nach robh sinne air chomas a bhith aig a’ Mhòd Nàiseanta am- bliadhna, agus bha sinn mar sin ag èisteachd is ag amharc an tachartais eadar rèidio agus telebhisean mar mhìltean eile feadh na dùthcha seo, agus thall thairis.
Ann a bhith a’ toirt taing a-rithist dha seirbheisean Gàidhlig a’ BhBC airson an fhoillseachaidh a tha e a-nise a’ toirt dhan Mhòd Nàiseanta gach bliadhna, feumaidh mi aideachadh gun robh mi beagan draghail, nuair a bha mi nam bhall de Bhòrd-Stiùiridh a’ Chomuinn Ghàidhealaich, mun bhuaidh a dh’fhaodadh leudachadh craolaidh a thoirt air àireamhan luchd-tadhail agus teachd-a-steach na fèise. Air an làimh eile tha a’ Ghàidhlig gun teagamh a’ buannachadh agus tha luchd-amhairc agus luchd-èisteachd air fàs cleachdte ri clàr ùr nam farpaisean mar a dh’atharraich sin gus freagairt air uairean craolaidh telebhisean gu sònraichte.
Chan eil e gu diofar dè cho goireasach ’s a dh’fhaodas baile a’ Mhòid a bhith, faodaidh cùisean a bhith mì-chàilear agus mì-chofhurtail ag imeachd eadar fharpaisean air latha fliuch foghair, agus ’s ann an uairsin a nì neach toileachas a bhith ri leac an teine na dhachaigh fhèin a’ farchluais na tha a’ dol. Feumaidh mi cuideachd a ràdh ged ’s math ’s gun robh an iomadach Mòd aig an robh mi riamh nach robh e riamh cho furasta dhomh cupa cofaidh fhaotainn eadar òrain ’s a bha am-bliadhna! Sin mar a bha sinne agus feumaidh mi ràdh gum bheil mi den bheachd gun cuala sinn barrachd de sheinn fharpaisean thar na seachdaine na bha sinn air a chluinntinn nan robh sinn air a bhith san Òban. Gun teagamh tha ealantas teicneòlas craolaidh a’ ceadachadh leum eadar fharpaisean ann an dòigh nach biodh practaigeach dha neach ann am baile a’ Mhòid, agus eadar phrògraman Rèidio nan Gàidheal agus BBC Alba bha sinne air ar beò-ghlacadh leis a’ cheòl. Tha e cuideachd fìor nuair a tha thu ag èisteachd aig astar mar seo nach eil thu a’ cur seachad uimhir de dh’ùine a’ gluasad mun cuairt agus a’ crac ri daoine, agus faodar sin a mheas mar bhuannachd neo na anacothrom leis mar a tha am Mòd Nàiseanta na chruinneachadh de dh’eòlaich is charaidean nach coinnich a chèile ach an aon turas sin gach bliadhna.
Ged a tha an fharchluais air a’ Mhòd air rèidio is telebhisean sgoinneil, mar a thog caochladh luchd-beachdachaidh anns na prògraman tha beagan eadar-dhealachaidh anns na chluinnear ann an àrainneachd talla nam farpais seach na ruigeas luchd-èisteachd craolaidh. Biodh sin mar a bhios ged tà, aig a’ Mhòd seo am-bliadhna chuala sinn uile Gàidhlig eireachdail is i air a foillseachadh ann an ceòl a bha co-ionann. Cha chreid mise gun robh droch Mhòd ann riamh, dìreach gun bheil cuid air a bhith beagan nas fheàrr, agus saoilidh mi gun robh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 anns an Òban air fear den fheadhainn air am bi cuimhne le fior thoileachas! Feumaidh mise a-nise gluasad, is mo mhàs goirt nam shuidhe fad làithean!
Congratulations to everyone who made the 2024 Royal National Mod in Oban truly memorable with a very high standard of Gaelic, celebrated through comparable superb singing and music!
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.