Chan e ceist ùr sam bith a th’ ann dha Gàidheil daoine a bhith a’ faighneachd dhaibh mun dòchas a th’ aca dhan Ghàidhlig agus a dualchas.
Bu tric a bhithinn fhìn, agus caraidean a bha an sàs an obair mhion-chànanan eile, a’ faireachadh gu math dubhach agus ìosal nar dòchas san t-srì airson aithne agus taic dar cuid chànanan.
Gun teagamh tha dualchas nas fhasa a ghleidheadh, leis gun tèid aig daoine air cleachdaidhean agus fiù ’s ceòl a chumail a’ dol ged nach biodh comas labhairt aca anns a’ chànan dam buin na rudan sin. ’S e ceum gu tur nas dorra a th’ ann cànan leithid Gàidhlig ionnsachadh gu ìre fileantais, oir tha sin ag iarraidh diongmhaltas agus dealas thar ùine. Tha cothroman cleachdaidh a’ chànain cuideachd bunaiteach.
Bha uair ann far an cluinnte daoine, a bha ’s dòcha nam buill de chòisir Gàidhlig, a bhiodh ag ràdh gun robh iad air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig thar còrr air fichead bliadhna ach nach robh iad fhathast fileanta gu leòr còmhradh a chumail innte. Ach theagamh nach e dìth fileantais a bu dorra dhaibh sin idir ach dìth misneachd, agus sin aon adhartas a tha mi fhìn a’ faicinn san latha an-diugh a tha toirt beagan misneachd ùr dhomh a thaobh a’ chànain. Tha misneachadh cuideachd ri chluinntinn ’s ri fhaicinn anns na Mòdan Ionadail a tha a’ gabhail àite an-dràsta feadh Alba, agus bha e na urram dhomhsa a bhith a’ britheamhachd aig Mòd Obar Pheallaidh air an deireadh seachdain seo chaidh.
Chuala is chunnaic mi mòran an sin a thug togail dhomh, agus chuala mi cuideachd farpaisich a tha mi ’n dùil a nì fior mhath aig a’ Mòd Nàiseanta san Òban air an fhoghar seo tighinn!
Mar a dh’èirich dha ceudan mhìltean eile de Albannaich bha mi cuideachd ag amharc a’ bhuill-còise eadar-nàiseanta ann am Munich, agus cho tàmailteach ri càch mun liodraigeadh a dh’fhuiling Alba bho na Gearmailtich! Cha ghabh àicheadh gun robh a’ Ghearmailt na bu ghleusta air an fheasgar, agus faodar ’s dòcha beagan cofhurtachd a ghabhail a bhith a’ call an aghaidh sgioba a bha cho fìor mhath. Aig an aon àm tha e fìor gur e buille dhoirbh a bha seo dha cluicheadairean Alba, agus gum bheil dùbhlan romhpa a’ deisealachadh airson dà gheama cudromach a dh’fheumas iad a bhuinnig a-nise, an aghaidh na h-Eilbheis agus an Ungair, ma tha iad gus leantainn air adhart san fharpais. Deagh dhùrachd dhaibh, agus mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo bidh fios mar a chaidh eadar sinn is an Eilbheis a-raoir!
Le cola-deug chun an Taghaidh Choitchinn, is casaidean dìth èifeachdais gan tilgeil gach taobh eadar na partaidhean ’s e glè bheag a chluinnear mu chor na Gàidhlig. Naodh bliadhna deug air ais fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 taic aona-ghuthach eadar-phartaidh, agus saoilidh mise gun d’ fhàg sin dìleab dleastanais air na partaidhean sin ann an Alba. Iarraibh dearbhadh far am faigh sibh cothrom!
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.